Seiseanan Trèanaidh Air-loidhne do Luchd-obrach nan Tràth-ìrean ann am Foghlam Gàidhlig

Tha na seiseanan trèanaidh air-loidhne seo stèidhichte air Dòigh-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd air Foghlam Gàidhlig agus air feallsanachd cluiche.  ’S e an t-amas gun tèid an cleachdadh mar phàirt de leasachadh leantainneach proifeiseanta (neo CPL) luchd-obrach nan tràth-ìrean gus eòlas agus tuigse ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns na tràth-ìrean a leasachadh.  Tha iad freagarrach do luchd-obrach ro-sgoile agus tidsearan aig ceann shìos na sgoile.   

Tha gach seisean a’ leantainn air adhart bhon t-seisean roimhe ach faodaidh na seiseanan seasamh leotha fhèin.

Dà-chànanas
Ìrean Adhartais ann a bhith a’ Togail Cànan Ùr
Làn-bhogadh
Cluich agus Ionnsachadh: Cànan
Cluich agus Ionnsachadh: Dòighean-obrach
Òrain ann an Togail Cànain